30 May 2008 @ 05:20 am
 
Sloinneadh na Ban-naomh Bride,
Lasair dhealrach oir, muime chorr Chriosda.
Bride nighinn Dughaill duinn,
Mhic Aoidh, mhic Airt, mhic Cuinn,
Mhic Crearair, mhic Cis, mhic Carmaig, mhic Carruinn.

Gach la agus gach oidhche
Ni mi sloinntireachd air Bride,
Cha mharbhar mi, cha spuillear mi,
Cha charcar mi, cha chiurar mi,
Cha mhu dh' fhagas Criosd an dearmad mi.

Cha loisg teine, grian, no gealach mi,
Cha bhath luin, li, no sala mi,
Cha reub saighid sithich, no sibhich mi,
Is mi fo chomaraig mo Naomh Muire
Is i mo chaomh mhuime Bride.